The year of the big storm
I saw a circle about the moon
And the stooks of barley streamed to the sea
My father, my sister and I stood
Watching the work of our hands rush from sight
Bliadhna mhòr na stoirme
Chunnaic mi cearcall mun ghealaich
'S dh'fhalbh na h-adagan eòrna
Nan sruth sìos chun a' chladaich
Is cheas sinn nar triùir ann
Mi fhèin, mo phiuthar is m' athair
A' faicinn obair ar làimhe
Na deann-ruith à sealladh
Is chunnaic mi uair eile
Cearcall mun ghealaich
Aig deireadh samhraidh sgiamhach
Chaidh gaol às mo shealladh
Bu riaslach an tìm ud
Gu 'n tàinig leigheas an earraich
Ach thàinig le tìde
Àm grianach gum aire
Ach a-nis, aig deireadh samhraidh
Chì mi cearcall mun ghealaich
Is tusa a' falbh bhuam
Gu baile an Sasainn
'S mo chridhe cho sgaoilte
Na raon mòr fada farsaing
Gun adagan ar gaoil ann
Fon d' fhuair mi fasgadh bha abaich
'S ma dh'fhalbhas tu
Cha till grian bhrèagha an earraich